Gur Muladach Sgith Mi

Flora MacNeil

Compositor: Não Disponível

Gur muladach sgith mi
'S mi leam fhin an tir aineoil
Anns na h-eileine Diurach
'S mor mo dhuil ri dhol thairis, hai o

Anns na h-eileine Diurach
'S mor mo dhuil ri dhol thairis
Mi gun phiuthar gun brathair
Gun mhathair gun athair, hai o

Mi gun phiuthar gun brathair
Gun mhathair gun athair
Mi gun duine dha m'dhaoine
Ris a faod mi mo ghearain, hai o

Mi gun duine dha m'dhaoine
Ris a faod mi mo ghearain
Chaidh am bata thromh 'n chaolas
Bha mo ghaol oirre dh'fhearaibh, hai o

Chaidh am bata thromh 'n chaolas
Bha mo ghaol oirre dh'fhearaibh
Bha mo leannan 'ga stiuireadh
Lub ur a' chuil chlannaich, hai o

Bha mo leannan 'ga stiuireadh
Lub ur a' chuil chlannaich
Lub ur a' chuil chubhraidh
'S toil leam fhin do chaol mhala, hai o

Lub ur a' chuil chubhraidh
'S toil leam fhin do chaol mhala
Is na faighinn-sa m'ordugh
Bu leat moran do dh'fhearann, hai o

Is na faighinn-sa m'ordugh
Bu leat moran do dh'fhearann
Bu leat Muil' agus Ile
Cinntir' agus Arainn, hai o

Na hi bho ho hill o horo ho
Hill o na hi bho ho
Hi na hi ri ri dhiu o
Hi o na hi hoireann o ho
Eileadh ho horo ho

©2003- 2024 lyrics.com.br · Aviso Legal · Política de Privacidade · Fale Conosco desenvolvido por Studio Sol Comunicação Digital